Riaghailtean

Riaghailtean

  1. ‘S e ainm a’ Chomuinn An Comunn Ceilteach Rìoghail.
  2. ‘S e prìomh amas a’ Chomuinn gun dìonar is gum brosnaichear ùidh ann an eachdraidh, dualchas, cànan, ealain agus ceòl na h-Alba.
  3. Gus an t-amas sin a choilionadh cuiridh an Comunn iomairtean an sàs mar a chìthear freagarrach, agus gu seachd àraid bidh e- (i) a’ foillseachadh no a’ cumail taic ri foillseachadh stuthan freagarrach, seann nithean agus nithean ùra; (ii) a’ tairgsinn maoineachadh airgid airson cruthachadh rosg is rainn Ghàidhlig, airson sàr chruthachadh is cluich ciùil, airson sàr chomais anns na h-ealain, ceòl is gnìomhachasan ann an Alba, agus airson cliù eile a tha, ann am beachd a’ Chomuinn, airidh air moladh; (iii) a’ cumail taic ri is a’ brosnachadh cruinneachadh, clàradh agus gleidheadh fiosrachaidh sam bith a bhuineas do phrìomh amas a’ Chomuinn.
  4. ‘S iad Ceannard, triùir Iar-Cheannardan, Ionmhasair agus Rùnaire dreuchdan oifig a’ Chomuinn. Faodaidh an Ceannard agus na h-Iar-Cheannardan a bhith nan dreuchd fad trì bliadhna, bidh an t-Ionmhasair agus an Rùnaire ann fad bliadhna a-mhàin, agus faodaidh iad uile a bhith air an ath-thaghadh.
  5. Thèid gnothaichean a’ Chomuinn a riaghladh le Comhairle anns am bi prìomh luchd-oifig a’ Chomuinn, agus còrr is sia buill ach gun a bhith a’ dol seachad air dà bhall dheug, a thèid ainmeachadh aig Coinneamh Bhliadhnail a’ Chomuinn.
  6. Bidh Coinneamh Bhliadhnail a’ Chomuinn air a cumail air ceann-latha a thaghas a’ Chomhairle. Thèid Coinneamh Àraid a ghairm mar a chì a’ Chomhairle iomchaidh no air iarrtas sgrìobhte aig trì buill dhen Chomhairle, agus iad a’ cur an cèill adhbhar na gairm. Thèid fios air Coinneamh Choitcheann sam bith a thoirt don a h-uile ball co-dhiù seachd làithean ron Choinneimh.
  7. Faodaidh ball sam bith puing-ghnothaich a thogail aig a’ Choinneimh cho fad ‘s a gheibh an Rùnaire fios ro-làimhe co-dhiù cò-latha-deug ron Choinneimh.
  8. Coinnichidh a’ Chomhairle co-dhiù aon turas sa bhliadhna, air neo nas trice na sin mar a bhios iomchaidh, agus thèid coinneamhan a ghairm leis an Rùnaire air a cheann fhèin, air neo nuair a dh’iarras ball na Comhairle air tè. Cuiridh ceathrar bhall buidheann-ghnothaich air dòigh.
  9. Cumaidh an t-Ionmhasair deagh rian air cunntais a’ Chomuinn, agus bheir sgrùdaiche on taobh a-muigh sùil air na cunntais a h-uile bliadhna. Thèid an sgrùdaiche ainmeachadh aig a’ Choinneimh Bhliadhnail, air neo thèid ball na Comhairle a thaghadh leis a’ Chomhairle fhèin.
  10. Tha ballrachd a’ Chomuinn fosgailte do dhaoine aig a bheil ùidh ann an cultar na h-Alba. Leigear a-staigh don Chomuinn le fiathachadh bhon Chomhairle a-mhàin air neo an dèidh iarraidh air an Rùnaire.
  11. Thèid cosgais ballrachd aontachadh leis a’ Chomhairle.
  12. Faodaidh a’ Chomhairle teachd a-steach gu lèir a’ Chomuinn a chosg mar a chithear iomchaidh, ach cha tèid airgead a-mach gun aonta Comhairle Choitcheann a’ Chomuinn.
  13. Cha ghabh atharrachadh do na riaghailtean seo ach aig Coinneamh Choitcheann a’ Chomuinn, agus feumaidh aonta a bhith ann le co-dhiù trì cairteal dhe na buill a bhios an làthair agus a’ bhòtadh. Feumaidh atharrachadh a thèid a mholadh a thoirt ann an cruth litreach don Rùnaire co-dhiù cò-latha-deug ron choinneimh far an tèid breithneachadh air, agus thèid an t-atharrachadh a tha air a mholadh ainmeachadh ann am Bràth-gairm na Coinneimh.

Ionmhasair agus Rùnaire Urramach
J Gordon Cameron WS
25 Rutland Street
Edinburgh EH1 2RN

– Donate Online –

If you would like to make a donation via the website you can do so securely by clicking the button below.