Mur Deidhinn
Chaidh an Comann Ceilteach a stèidheachadh ann an Dùn Èideann ann an 1820 aig coinneamh a ghairm an Caiptean Uilleam MacCoinnich à Gruinneard. B’ e an fheadhainn aig a’ chiad choinneamh buidheann de dh’uaislean Gàidhealach a bha a’ gabhail a-steach an Còirneal Dàibhidh Stiùbhart às a’ Garth, a bhiodh còmhla ri Sir Ualtair Scott, a thàinig gu bhith na chiad Iar-Cheannard air a’ chomann, còmhla riutha trì seachdainean às dèidh sin. Bha a’ chiad choinneamh aig a’ Chomann ann an Oman’s Tavern, a tha glè fhaisg air far a bheil Taigh Clàraidh an-dràsta.
Cha b’ fhada gus an deach an Comann a stèidheachadh mar phrìomh neach-adhartachaidh agus neach-glèidhidh dualchas na Gàidhealtachd agus nan Eilean, a’ cluich pàirt chudromach ann an turas eachdraidheil Sheòrais IV gu a phrìomh-bhaile Albannach ann an 1822. Fhuair e an sònrachadh ‘Rìoghail’ bhon Bhanrigh Bhictòria ann an 1873.
Bha prìomh àite aig a’ Chomann san aiseirigh Ghàidhealaich a thòisich tràth san 19mh linn. Bha pàirt aige ann a bhith a’ cur air adhart cànan, litreachas, dualchas agus cultar na Gàidhealtachd ’s nan Eilean. Chaidh siud aithneachadh an uair a bhuilich a’ Bhanrigh Bhictoria Cairt Rìoghail air.
Tha e cho cudromach an-diugh ’s a bha e aig an àm a bhith a’ glèidheadh eachdraidh, cànan agus ealain na Gàidhealtachd is nan Eilean. Tha buill a’ Chomainn Rìoghail Cheilteach nan daoine le dealas dìoghrasach airson sin. Tha an Comann a’ coileanadh an amais sin le bhith a’ toirt seachad dhuaisean airson sàr-mhathais anns na h-ealain agus tro phrògram de thabhartasan bliadhnail is aon-uair do gheamannan Gàidhealach, fèisean ciùil, buidhnean pìobaireachd is clàrsaich, taighean-tasgaidh dùthchail, pròiseactan foghlaim (cròileagain Gàidhlig nam measg) agus pròiseactan litreachais.
