Iarr Tabhartas
Tha an Comann Rìoghail Ceilteach a’ toirt cuideachadh maoineachail do bhuidhnean, do thachartasan agus do ghnìomhan a tha a’ cumail taic ri amasan carthannach a’ Chomainn, no gan leasachadh.
Tha iad seo ri fhaotainn an dara cuid mar thabhartasan aon uair do phròiseact air leth, no gach bliadhna do phròiseactan leantainneach. Tha sùil as ùr air a toirt air tabhartasan bliadhnail a h-uile trì bhliadhna
Ma tha pròiseact agaibh a tha sibh a’ smaoineachadh a gheibheadh buannachd ás a’ chuideachadh againn, nach sgrìobh sibh chun an Rùnaire le làn fhiosrachadh agus plana gnìomhachais. Dèanaibh soilleir dè am pàirt a tha sibh am beachd a ghabhadh an Comann ann.
Ach roimhn a-sin nach dèan sibh cinnteach gu bheil a’ ghnìomhachd agaibh a rèir nan amasan a chuir sinn an cèill. Bithibh mothachail gu bheil fèill mhòr air a leithid de chuideachadh agus nach eil ach cuid car beag de thagairtean a’ soirbheachadh. Tha cùram mòr air a ghabhail gus dèanamh cinnteach gu bheil tabhartasan a’ Chomainn air an toirt seachad far a bheil iad coltach, ann am barail na Comhairle, ris an diofar as motha a dhèanamh. Mar sin, cha bu chòir diùltadh sam bith a ghabhail mar bheachd air na tha sibh a’ moladh.
