Ballrachd
Tha timcheall air 200 ball aig a’ Chomann Rìoghail Cheilteach. Tha iad a’ compàirteachadh ùidh ann an amasan a’ Chomainn ’s a’ cumail taice ri gnìomhachd a’ Chomainn ann an iomadh diofar dhòigh.
Tha Ballrachd Beatha sa Chomann Rìoghail Cheilteach a’ cosg £150.00 Tha i mar thoradh air fiathachadh bho chomhairle a’ Chomainn.
Mar as trice, bu chòir ainmean bhall ùra a chur air adhart le ball làthaireach den Chomann. Nam bu toil leibh gabhail anns a’ Chomann, ach mur eil sibh eòlach air buill den Chomann a dh’fhaodadh ur n-ainm a chur air adhart, nach sgrìobh sibh chun an Rùnaire le fiosrachadh mun ùidh agad. Thèid beachdachadh air an tagradh agaibh aig ath choinneamh na comhairle.
